Thug an galar-sgaoilte leis dùbhlain dhuinn uile nach gabh a thomhas. Do Cheitidh Matthews, ann a bhith a’ dèiligeadh ris na dùbhlain sin, chunnaic i obair-sgioba fada nas fheàrr agus dìoghras a thaobh daoine ath-cheangal le an coimhearsnachdan, agus an cuideachadh gu tlachd a ghabhail à èifeachdasan deimhinneach spòrs agus gnìomhachd chorporra.
A’ tilleadh bho fhòrladh màthaireil san Ògmhios 2020, bha an t-Oifigear Ionad Spòrs Coimhearsnachd aig High Life Highland, am measg iadsan a bha daingeann a thaobh na h-ùineachan fada den ghlasadh-sluaigh a chleachdadh airson taic a chur ri slàinte inntinn agus sunnd sna sgìrean dùthchail.
Stèidhichte ann an Inbhir Nis, b’ e a ciad phrìomhachas tron ghlasadh-sluaigh, ceangal a chumail leis na sia Ionadan Spòrs Coimhearsnachd (CSH) air feadh na Gàidhealtachd a Tuath, agus ’s e sin Ulapul, an t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Theòrsa, Inbhir Ùige, Inbhir Pheofharain agus Baile Dhubhthaich.
Thuirt Ceitidh, a tha air a bhith na h-oifigear ionaid o 2018: “Is e conaltradh am prìomh nì cudromach. Cho luath agus a thill mi, thòisich mi a’ togail lìonra le raon nas fharsainge de chom-pàirtichean aig ìre coimhearsnachd, roinneil agus nàiseanta gus co-chomhairleachadh air agus dèiligeadh ri feumalachdan ionadail rè a’ ghlasaidh.
“Bha a h-uile neach airson faighinn a-mach ciamar agus am b’ urrainn dhaibh an gnìomhachdan a chumail a’ dol gu sàbhailte, mar sin, b’ ann air sin a bhathar a’ cuimseachadh. Bha e a’ ciallachadh a bhith a’ fuireach dlùth do bhuill an ionaid agus cuideachd tìde a chur seachad a’ conaltradh ri com-pàirtichean coimhearsnachd ùra, a chuidich le ceanglaichean a neartachadh agus ceanglaichean ùra a dhèanamh.
“Mar thoradh air an lùghdachadh ann an eadar-chonaltradh sòisealta agus eacarsaich a-staigh, bha againn ri dòighean a lorg gus daoine a chuideachadh gu ath-cheangal agus fuireach gnìomhach, mar sin cheangail sinn suas ri raon farsaing de bhuidhnean treas earrainn agus coimhearsnachd gus dèiligeadh ri cùisean mu thimcheall iomallachadh sòisealta, slàinte inntinn agus sunnd agus daoine a ruighinn a lorg iad fhèin air an iomallachadh bhon teaghlach, caraidean agus bhon chomann shòisealta san fharsaingeachd.
“Bha daoine ionadail fa leth, clubaichean agus buidhnean anabarrach ro-ghnìomhach agus choimhead sinn ri raon de dhòighean air co-obrachadh agus taic a thoirt do an coimhearsnachdan, mar eisimpleir, a’ fàgail buill-coise agus uidheam spòrs a-mach do chlann gus an cleachdadh tron ghlasadh-sluaigh. Gun teagamh sam bith choilean gach neach am pàirt fhèin san dùbhlan.”
A thuilleadh air conaltradh gu dlùth leis na h-ionadan, bha Ceitidh a’ freagairt do fheumalachdan bunasach, ag obair taobh a-staigh prògram nan gnìomhachdan a-muigh aig High Life Highland gus clann a chumail gnìomhach eadar na glasaidhean.
Mhìnich i: “Bha gach nì a rinn sinn mu dheidhinn freagairt do agus atharrachadh a rèir riaghailtean Covid, mar sin bha mòran mheasaidhean cunnairt, logaichean gnìomhachd agus coinneamhan luchd-obrach a bharrachd riatanach, gus a dhèanamh cinnteach gun robh an ìre cheart de fhiosrachadh agus trèanadh aig gach neach mu na ceumannan a bharrachd.
“Tha mi a’ smaoineachadh gun tug am pandamaig oirnn tuigsinn cho mòr ’s a tha sinn a’ cur luach air agus ag earbsa nar ceanglaichean sòisealta agus an diofar a tha iad a’ dèanamh nar beatha.”
B’ e Fèis Feel Good aon de na h-iomairtean a bu chudromaich air na dh’obraich Ceitidh tron ghlasadh, air eagrachadh le buidheann-obrach Ionad Spòrs Coimhearsnachd Ulapuil agus luchd-obrach ionadail High Life Highland gus gnìomhachd chorporra, slàinte inntinn agus sunnd adhartachadh.
Air a chumail aig deireadh na Samhna 2020, chunnaic e 22 com-pàirtiche a’ lìbhrigeadh 18 seiseanan neo-fhoirmeil an-asgaidh, a’ rangachadh bho rothaireachd beinne gu seiseanan fèin-mhothachaidh, le measgachadh eile de ghnìomhachdan bhiortail agus air a’ bhlàr a-muigh.
Thuirt Ceitidh: “Bha sinn uile a’ faireachdainn gu làidir, a dh’aindeoin cho duilich ’s a bhiodh e, gun robh e cudromach gun deigheadh an fhèis air adhart ged a b’ ann ann an cruth diofraichte bhon bhliadhna roimhe sin.
“Bha sinn airson raon farsaing de chothroman a sholarachadh do dhaoine a thaobh sòisealachadh, pàirt a ghabhail ann an gnìomhachd chorporra taobh a-staigh am ‘builgeanan’ fhèin agus ceangal a dhèanamh ris a’ choimhearsnachd a-rithist. Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin rudeigin a bha iad ag ionndrainn agus fhuair sinn fìor dheagh fhreagairt, leis an fhèis a’ toirt buaidh air 1081 neach ann an Iar Thuath na Gàidhealtachd – ann an da-rìribh, thuirt 100% de chom-pàirtichean a fhreagair suirbhidh às dèidh làimh gun robh iad den bheachd gun tug an Fhèis feabhas air an slàinte inntinn is sunnd.”
Thuirt Ceitidh: “Tha an fhèis air Ionad Spòrs Ulapuil a chuideachadh gu modh-obrach cuimsichte air coimhearsnachd a thaobh slàinte is sunnd a ghabhail os làimh. Tha com-pàirteachadh agus cumhachdachadh choimhearsnachdan ionadail tro thachartasan mar seo, agus gu h-àraid buidhnean fo anacothrom, nam meadhan deatamach air slàinte adhartachadh agus neo-ionannachdan a lùghdachadh.”
“A’ cleachdadh na dh’ionnsaich sinn bhon Fhèis Feel Good, tha sinn a-nis a’ coimhead ri latha fosgailte de thachartasan foillseachaidh a chruthachadh do ionad Spòrs an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse. Tha sinn airson modh-obrach mar sin a chleachdadh ann a bhith a’ tabhann measgachadh de thachartasan aghaidh-ri-aghaidh agus bùithtean-obrach bhiortail mar thaic do choidseadh, obair shaor-thoileach agus com-pàirteachadh ann an gnìomhachd chorporra agus spòrs.”
Dìreach às dèidh na Fèise, thàinig coileanadh eile às a bheil sinn moiteil, tro bhith a’ riarachadh Phasgain Sunnd Geamhraidh am measg choimhearsnachdan ann agus mu thimcheall Ulapul, air am faotainn tro mhaoineachadh Slàinte Uaine a bharrachd airson an CSH ionadail.
Mhìnich Ceitidh: “Chuir Covid am faireachdainn iomallachaidh am miosad ann an sgìrean dùthchail, mar sin bha sinn airson ruighinn a-mach agus fiosrachadh, innealan agus goireasan a thoirt seachad gus daoine a chuideachadh gu fuireach gnìomhach, coimhead às dèidh an slàinte inntinn agus ceangal le nàdar tron gheamhradh.
“Chuidich Slàinte Uaine le daoine coimhead ri mar as urrainn dhaibh an cuid eacarsaich is gnìomhachd làitheil a dhèanamh nas seasmhaiche an dà chuid dhaibh fhèin agus don àrainneachd.
“Bha na pasgain air an cur ri chèile ann an dòigh a dh’aon ghnothaich do gach neach, mar sin ann am pasgain sgoiltean bha sìol eòin agus sailead, cailcean airson gnìomhachd a-muigh agus sealg lusan, agus anns an fheadhainn do luchd-còmhnaidh thaighean-cùraim bha eacarsaichean sèitheir, comhairle air coiseachd, meidheadair cheuman agus meacanan.
“Cha robh sinn a’ planadh ach air 500 a riarachadh ach aig deireadh cùise thug sinn seachad 777, nì a bha anabarrach sàsachail agus bha an ais-fhiosrachadh a fhuair sinn air leth deimhinneach. Coltach ris an Fhèis, bha e uile mu dheidhinn luchd-ùidhe agus com-pàirtichean air an amasan a roinn agus air an goireasan agus an ealantas sònraichte fhèin a chur ris.”
Tha Ceitidh a-nis ag obair air sgrùdadh slàinte gnìomhach ann an com-pàirteachas le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Sustrans, gus rannsachadh mar a dh’fhaodas a leithid sin de cho-obrachadh deimhinneach a bhith air a leudachadh airson taic do choimhearsnachdan eile.
Thuirt i: “Tha mi a’ cuideachadh le buidhnean fòcais a cho-òrdanachadh tarsainn trì coimhearsnachdan air a’ Ghàidhealtachd, coimhead ri bacaidhean gu slàinte ghnìomhach agus siubhal agus a bheil feumalachdan ionadail gan coileanadh.
“Tha com-pàirtichean an sgrùdaidh air co-chomhairleachadh le buidhnean agus lìonraidhean air feadh na Gàidhealtachd agus taobh a-staigh gach coimhearsnachd gus com-pàirteachas nas fharsainge a thogail. Còmhla, tha sinn a’ coimhead ri ro-innleachdan a leasachadh gus cothrom air agus cleachdadh air a’ bhlàr a-muigh a dhèanamh nas fhasa agus a mheudachadh, agus tha sinn an dòchas gun toir an toradh dàta buaidh air pròiseactan slàinte ghnìomhach agus siubhail san àm ri teachd.”
“Bheir e seachad cuideachd in-shealladh luachmhor air cùisean sònraichte co-cheangailte ri coimhearsnachdan dùthchail, mar sin tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh cinnteach gu bheil guth acasan as so-leònte agus a tha doirbh an ruighinn.”
A’ coimhead ris an àm ri teachd, tha Ceitidh ag ràdh gu bheil i a’ faireachdainn deimhinneach mun àm ri teachd – agus mionnaichte gu bheil Covid air luach obair-sgioba a thaisbeanadh am measg a co-obraichean agus coimhearsnachdan.
Thuirt i: “Tha e air a bhith na bhliadhna anabarrach doirbh ach tha mi a’ faireachdainn gu bheil gach neach còmhla ris an robh mi ag obair, air an dìcheall a dhèanamh a thaobh fulangas a neartachadh taobh a-staigh an coimhearsnachd ionadail, agus air taic a thoirt dhaibhsan as so-leònte agus air co-obrachadh a mheudachadh.
“Dhòmhsa dheth, sin aon de na nithean as deimhinniche a thàinig a-mach à Covid agus tha mi ga fhaicinn a’ tachairt anns gach àite air feadh na Gàidhealtachd le buidhnean, com-pàirteachasan agus lìonraidhean eile.
“Tha mi den bheachd gu bheil a bhith a’ faicinn dhaoine ag obair còmhla ann an dòighean ùra air a bhith cho misneachail agus le comas air coimhearsnachdan a chuideachadh gu fàs nas fhulangaiche. Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin an dòigh air adhart, chan ann a-mhàin airson dèiligeadh ris na deuchainnean a thug Covid dhuinn ach dùbhlain eile a làimhseachadh ann an coimhead às dèidh slàinte is sunnd inntinn is corporra tarsainn choimhearsnachdan dùthchail. Tha mi a’ faireachdainn moiteil gun do choilean mi mo phàirt fhìn agus tha mi a’ faireachdainn glè mhisneachail a’ coimhead air adhart.”